'S e Paris am prìomh-baile aice - aon de na bailtean as ainmeile agus as cudthromaiche air an t-Saoghal agus am baile as motha anns an Roinn-Eòrpa as dèidh Lunnainn. 'S i Frangais cànan nam Frangach, ach tha cànanan eile air am bruidhinn anns an dùthaich cuideachd - mar eisimpleir teanga le càirdeas ris a' Ghàidhlig ; am Breatannais ( no "Breton" ann am Frangais). A bharrachd air sin, tha na cànanan a leanas air an cleachdadh ann an sgìrean eile den Fhraing : Euskera ( Basque ), Catalanais, Corsicanais, Gearmailtis, Fleamais, Ocseadanais ( Occitan ) agus Alsaisean ( Alsatian ). Tha Provençal ga bhruidhinn anns a' Phrovence san àird a deas na Frainge. Tha Walon na mi-chànan san àird an ear-thuath na dùtcha.