|
Article on other languages:
|
'S e dùthaich ann an Aimearaga-a-Deas a tha anns an t-Sile,[1][2] [3] neo Tilì; ainm oifigeil: Poblachd na Sile, Spàinntis: República de Chile. Tha i suidhichte eadar na ruith-bheanntan Andes agus an Cuan Sèimh. Tha crìochan aice san ear leis an Argantain, sa tuath le Pearu agus san earra-thuath le Boilibhia. 'S e Santiago am prìomh-bhaile aice. Tha am fasach as tiorma air feadh an t-Saoghail, am fasach Atacama anns an àird a thuath na dùthcha. Tha mòran coilltean agus àitichean-feuraich ann an ceann a deas na Sile, tha beanntan-teinne agus lochan ann cuideachd. Tha an Caolas Dhrake [4] san àirde a deas dhith. Tha an t-Sile a’ gabhail a-steach na h-eileanan Juan Fernández Islands, Sala y Gómez, na Desventuradas Islands agus na Easter Island, a tha suidhichte anns na h-Ioma-eileanan. Iomraidhean
Ceanglaichean a-machDealbhan
Beinn-theine Parinacota san àird a tuath Sile
|
||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||||
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.