Aristotle

Article on other languages:

Aireasdotal

Arasdotal (Greugais Ἀριστοτέλης Aristotelēs , Beurla Aristotle) (breith 384 RC aig Stagira, Masadoinia, A' Ghrèig; bàs am Màirt, 7mh, 322 RC aig Chalicis, Euboea, a' Ghreig . Le Plato, 's e aon de na feallsanaichean is cudthromaiche ann an dòighean smaoineachadh Siarach. Tha e coltach gun do sgrìobh e mu 150 leabhraichean mu feallsanach ged a tha tòrr dhiu air an call.

Fosgladh

'S e dotair do Rìgh Amyntas de Maseadonia a bh'ann an athair Arasdotal. Bho aois ochd-deug gu trichead 'sa seachd dh'fhuirich è an Àithne mar oileanach fo am feallsanaiche ainmeil Plato.

Tha air a ràdh gur e na trì feallsanaiche is mòr a bh'anns a' Ghrèig anns na sean aoisean Arasdotal, Plato agus Socrates . 'S e maighstear Plato a bh' ann an Socrates agus 's e maighstear Arasdotal a bh'ann am Plato. 'S e na trì feallsanaiche seo a chuir feallsanachd a' Ghrèig air dòigh is gur e an toiseach dhan an oileanachd ris an canar Feallsanaiche Siarach 'san latha an diugh. Theagaisg Arasdotal Alasdair Uaibhreach ( Alexander the Great ) a cheannsaich an Ear Mheadhanach gu lèir.

Bha a chuid mhòr de smuaintean Phlato mu fios bho na ciad-fàthan an còmhnaidh mi-chinnteach agus nach b'urrainn do dhuine sam bith fios firinneach fhaighean ach bho tionndadh air falbh bho'n neach a thionndas air falbh bhon t-Saoghal.

Bha diofar bheachdan aig Arasdotal. Bha esan a smaoineachadh gu robh fios bho na ciad-fàthan nas cudthromach. 'S e na beachdan seo a chaidh an cleachdadh an dèidh linntean anns an dòigh smuaintean ris an canar an Scientific Method 'sa Bheurla. 'S e a chuid mhòr de th' again a thuirt Arasdotal 'san latha an diugh nòtaichean a dh'fhàg è bho toirt oraid. 'S e feadhainn de na sgriobhaidhean is ainmeil aige a tha againn fhathast Physics,Metaphysics.(Nicomachean) Ethics, Politics,De Anima agus Poetics.

Eachdraidh agus Cudthrom obair Aireasdotal

Chan eil mòran fios againn mu eachdraidh obair Arasdotal bho'n àm a bhàsaich è chun a Chiad Linn RC. Tha seann-sgeul ag ràdh gun deach na leabhraichean agus sgriobhaidhean aig Aireasdotal fhàgail dha Theophrastus. 'Se Theophrastus am maighsear a lean Arasdotal agus dh'fhalaich e na sgriobh è airson dèanamh cinnteach nach dèidheadh an goid na an sgrios. Cha deach an lorg chun a' bhliadhna 70 RC.

More about Aristotle: aristotle quote, aristotle complete works, aristotle politics, aristotle biography, aristotle poetics, aristotle rhetoric, aristotle ethics, aristotle metaphysics, aristotle nicomachean ethics,

This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.