Ealasaid II An Rìoghachd Aonaichte
'S e Ealasaid II (Elizabeth II, breith 21 an Giblean, 1926) Ban-Rìgh an Rìoghachd Aonaichte agus iomadach dhùthcha eile mun cuairt an t-saoghal ris an canar na Riaghaltan Co-Fhlaitheas; mar eisimpleir Canada.
Gu lèir, tha i na monarc tarsainn air Antigua agus Barbuda, Astràilia, Na h-Eileanan Bhathama, Barbados, Belize, Canada, Grenada, Jamaica, Sealainn Nuadh, Papua Gini-Nuadh, Naomh Crìstean agus Nibheis , Naomh Lùisia, Naomh Bhionsant agus Eileanan Greanadach, Na h-Eileanan Sholaimh, Tuvalu is An Rìoghachd Aonaichte am Breatainn Mòr agus Eirinn a Tuath.
Chaidh a h-athair, Seòras VI, a chrùnadh an deidh do a bhrathair, Eideard VIII, leigeal an cathair-rìoghail seachad ann an 1936.
Riaghail Seòras VI gu 1952 agus, an deidh do bhàsachadh, chaidh a chrùn gu an nighean is sine aige; Ealasaid. Chaidh a crùnadh mar ban-rìgh air an 6mh den Gearran, 1952. 'S e an duine aice, a phòs i ann an 1947, am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann agus s'ann 'on a' Ghreig a tha e. Tha ceithir chlann aca leis am Prionnsa Tearlach is sine. Tha dà mhac eile aca, Anndra agus Eideard, agus aon nighean, Anne.
|