Is e dùthaich anns an earra-dheas na h-Eòrpa a tha ann am Bosna agus Heartsagobhana[1][2] neo Bosnia and Herzegovina, [3] (ainm goirid: BiH/БиХ). Tha crìochan aice ‘san earra-thuath le Croàisia, ‘san ear leis an t-Sèarb agus leis a' Mhonadh Neagrach ‘sa deas.
Eadar 1918 is 1992 bha Bosna agus Heartsagobhana pàirt den Socialist Federal Republic of Yugoslavia. An dèidh 1992 dh’fhàg iad Yugoslavia, ach an toiseach bha cogadh ann eadar 1992 is 1995 anns an dùthaich fhèin.
An-diugh tha trì sgìrean ann: Sgìre Brčko, Federation Bosna agus Heartsagobhana agus Poblachd Srpska. Tha muinntir na dùthcha a’ buntainn do trì buidheann le dualchas eadar-dhealaichte: Bosniaks, Serbs agus Croats. Is e sin as adhbhar gu bheil triùir ceann-suidhe anns a’ phàrlamaid.