|
Article on other languages:
|
Tha an Cù (Canis lupus familiaris) na shineach feòil-itheach anns an òrdugh Carnivora, a tha cumanta mar pheata, beathach seilg agus beathach obrach. Tha an dlùth-cheangal eadar daoine agus coin air maireachdainn co-dhiù 17,000 bliadhnaichean; their cuid "an co-cheangail" ris an dàimh seo. Is fhada bho bha daoine dhen bheachd gur h-ann bho mhadaidhean-allaidh a thainig an gnè Canis familiaris[1]. Tha iomadach seòrsa is briod de choin; faic mar eisimpleir an diofar eadar an Chihuahua beag biodach agus an Irish Wolfhound, neo eadar na diofar seòrsaichean abhagan agus am miol-chù. Tha gaoisid dhen a h-uile seòrsa is dath orra eadar dubh is geal, ruadh, riabhach, liath is donn. Tha coin, mar a tha daoine, nam beathaichean sòisealta, agus tha sin a' cur an cèill carson a tha iad cho math gu trèanadh, cho spòrsail, agus carson a tha iad cho comhfhurtail am measg daoine. Tha ceann math orra, le cuimhne a mhaireas fada, agus comas aca iad a bhith glè luath-aireach ann an cuid a shuidheachdain; tha sin gam fàgail glè fheumail do mhac an duine. Ged-tà tha cuid de chultaran, m.e. Islam, a' smaoineachadh gur e rud salach grànta a tha anns a' chù. Ann an cultaran eile, thèid an ithe.
Abairtean mu dheidhinn coin
Faclair nan Coin
Ceanglaichean (Beurla)Ceanglaichean a-mach (Gàidhlig)Iomradh
|
|||||||||||||||||||||||||||||
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.