‘S e dùthaich eadar an Roinn-Eòrpa agus Àisia a tha ann an Casachstan[2] neo Casagstan[3], ainm oifigeil: Poblachd Chasachstan . Le farsaingeachd cho mòr ri 2,727,300 cilemeatair ceàrnagach ‘s e an naoidheamh duthaich as motha air feadh an t-Saoghail agus tè as motha gun cheangal sam bith gu muir. [4][5]
Tha an treas pàirt den dùthaich na raoin feòir. 'S e Kazakh Plain an t-ainm a th’ air, tha e cho mòr ri 804,500 cilemeatair ceàrnagach. Mar sin ‘s e an raon feòir as motha air feadh an t-Saoghail.