Cumhachd na Gaoithe

Article on other languages:

Tha sgiobalachad dith air an aiste seo, a tha steidhichte air paipear sgriobhta an 2001. Tha sgiobalachadh air leth dith air cló-sgriobhadh nan co-ionnanaich

  • Tha e soillear gu bheil cumhachd anns a’ ghaoithe.
  • Is e ceist a fhreagaras Eòlas-nàdair co mheud cumhachd a tha innte.
  • Is e obair innleadair, an meud de cumhachd a tha so-tarruinnte as a' gaoith aig ionad araid agus a' dhearbh gum bi (no mur a bi) cuise eaconomachd airson sgeama a dheanamh feum air neart na gaoithe aig an ionad sin.

Clàr-innse

Mineachadh Sonraichte air Briatharachas Innleadaireachd

  • Tha corp na cnap stuigh
  • Theirear lionn ri stugh le comas a sruth.
  • Tha tomad de corp na thomhas de ‘n fhalamhantas a lionadh e.
  • Tha neart an comas obair a dheanamh.
  • Deanar obair ‘nuair a bhios forsa a’ gluasad rudeigin air adhart. Tha meud an obair a reir meud an fhorsa agus a reir fád a’ ghluasaid.

Mar sin,

OBAIR = FORSA x ASTAR

Bithidh fios aig gach sgoilear a tha air gabhail nadur-fheallsanachd ‘s an Ard Sgoil gu bheil Neart aig corp a tha na gluasad. ( Mar is tric theirear Neart Cineteachd ri neart-ghluasaid, o chionn ‘s gur b’e fásan ‘o sheann a’ cur ainmean Greacais neo Laideann air Uimhirean agus feartan a chaidh air lorg an saoghal feallsanachd nadurra.)

Tha uimhir neirt a reir cuideam ( a’ riochdadh meud stugh a tha anns a’ chorp ) agus luaths a’ chuirp. Anns an co-ionnanas a leanas tha “m” na sheasamh airson meud-stuigh , “N” airson neart , “v” ( bho’n seann ghreicis “bhelos” a’ ciallachadh luath) airson luaths, Mar sin,

N = m x v x v

neo,

N = m v2


Chan eil e doirbh a fhaicinn gu bheil an dearbh seorsa neart aig lionn, mar eisimplir uisge, is e ag sruthadh tro piob. Fidrig uisge , agus an t-uisge na sruthadh tro piob aig luaths ( a’ deanamh astar ) de v meterean gach diog (m/diog). Ré diog, siubhalaidh gach mir uisge v meterean. Far a bheil thar-farsuinneachd na pioba co ionnan ri “A” tha tomad an uisge a tha a’ sruthadh tro fainne-pioba “a” gach diog a reir an co-ionnanas

Tomad Uisge a’ Sruthadh Tro Piob


Tomad = V x A

Their dluthas ( riochaichte le ρ ) ris am feart de stugh a tha co-ionnan ri cuideam de aonad tomad

Dluthas = Cuideam(kg) /Tomad (m3)

ρ = kg/ m3

Mar sin bithidh

Cuideam (kg) = ρ x m3 = ρ x V x A

a’ sruthadh tro ‘n fainne aig “a” gach diog.

O chionn ‘s gu bheil an tomad seo a’ siubhal aig luaths V

Mar a ceudna, tha neart de ‘n tomad na sruthadh seachad air “a” gach diog,

N = m V2

ach: m = ρ V A

mar sin: N = ρ A V3



Freagaraidh an Co-ionnanas seo ri muillean gaoithe, o chionn ‘s gu bheil Raon-Sguabta an Rothadair cosmhuil ri Raon “fainne” a’ phiob.

Tha an Raon-Sguabta (RS) = (Pi x T2)/4


Far a bheil T= Tarsuinnead de’n Rothadair agus Pi = 3.142 (neo 22/7, cunbhalach a tha co-ionnan ri cuairt-lin chearcail air a roinneadh le tharsuinnead ,

Riochd Tomhais de Dealaadtair Gaoithe, sealladh ‘on bheulaibh


Tha an dealbhag os cionn a nochdadh na priomh tomhaisean de Dealanadair Gaoithe le mul co-ardach, ‘s Chithear bhon dealbhag gu bheil aird tuir co-ionnan ri Tarsuinnead an Rothadair. Cruthaidh muilleann gaoithe de tarsuinnead 66m, suas ri 1.75 MW. Tha seo an cumhachd sonraichte dha, chruth e seo nuair a bhitheas a’ ghaoithe air eirigh gu 16m/diog. Aig luaths na gaoithe seo ( mu 33mile/uair), bithidh an rothadairean a tionndadh aig 21.3 car/mionaid. Tha AMEC Wind a’moladh muillean de’n mheud seo airson a choille neirt aig an Aodann Bhàn.

Ball Sampuill: Dearbhadh de Neart na Gaoithe a sruthadh tro Muillean Gaoithe

Leig le

T = Tarsuinn Rothadair = 67m v= Luaths gaoithe = 16m/diog r= dluthas aille = 1.25 kg/m3


Raon Sguabta = pT2= 3526 m2 4

Ach, mar a dhearbhadh os cionn

Neart sruthadh tro fainne phiob (neo tro rothadair muilne gaoithe ) = r x Raon x v

= 1.25 kg/m3 x 3526 m2 x (16 m/diog) 3

= 18 000 000 kg m2 diog -3 ( = kg x m/diog/diog x m/diog= obair/diog= Cumhachd(Wattan))

= 18 MW

Tha seo torr nas motha na an cumhachd sonraichte do gach muilleann (1.75 MW) Ach,

i) Cha deanar muileann a bhuannachas nas motha na 49% den neart a tha sruthadh troimhpe. ii) Chaillear tuilleadh cumhachd anns an uidheam ginealachd.

Mar sin: Faodaidh do gach muilleann a’ leasachadh

18 x 0.49 MW aig a phriomh fearsaid = 8.8 MW

O chionns nach eil duil air gach muileann a libhrigeadh ach 1.75 MW

Tha riochd eifigeas de inneal sam bith = Cumhachd a mach Cumhachd a steach

Mar sin chan eil eifeagas an uidheam iompachaidh (beart iomain, dealanadair,uidheam iompachaidh) eadar fearsaid an rothadair agus an ceangail ris a’ bhranndair naiseanta, ach

1.75 MW/ 8.8 MW = 0.2 neo 20%

Tha seo iosail an co-mheas le acuinn dealandaireachd a ruith air stoth. Mar eisimplir, bha an ionad cumhachd aig Fiddlers Ferry an Sasainn aig iompachadh neart gual ri neart dealain le eifigeas eadar 33% agus 35 % ‘nuair a thadhal mi air ann an 1978.

Aonadan Thomhais

Anns an latha an diugh, tha gach duthaich Eorpach, agus an cuid bu mhor de na dùthchannan eile air feadh an t-Saoghail, a’ cleachdadh co-rian thomhais aonaichte. Tha an co-rian (siostam) seo eadar-nasiunta, agus theid e fo’n ainm Fraingis|Frangachd Système international d'unités ( SI ) , o chionns gur e na Frangaich, a shonraich a phriomh aonadan aig deireadh an 18mh linn.

Tha an Système International steidhichte air seachd bun-aonadan neo-eisimileach. Tha gach aonad neo-eisimileach air sgâths gu bheil na feart a tha iad a’ tomhais neo-eisinileach 'o cheile.

Tha na feartan seo, agus na h-aonadan orra mar a leanas

FEART AONAD COMHARRA
Astar Meter m
Cuideam Cilogram kg
Uine Diog diog
Teasad (Ceum)Kelvin K
Sruth Dhealain Ampére A
Uimhir (Aireamh) Mól mól
Dluthad Sholais Caindeile Caindeile


Tomhas air meud

Tomhaisear meud le astar. Faodaidh do astar a bhith tomhaiste air tri rianan (mulean) neo-eisimileach.’ Agus a reir a chruth, is urrainear tomhais a dhol air gach ni a reir aon, dha neo tri mul.

Rian a mhain

Sonrachar loidhne direach sam bith le fad an loidhne agus rian an loidhne.

Tomhaisear loidhne direach le fad an loidhne eadar a dha cheann .


DEALBHAG: Loidhne bho a-b. Tomhaisear an loidhne le Fad a Mhain


Chan eil leud neo domhainnead dha, mar sin chan eil ach aon rian ga thomhais. Theirear FAD ris.


Is e an meatar (m) a tha na h-aonad tomhais do Fad.

Da Rian

Tha dá rian sonraichte ri cumadh.

Theirear LEUD (L) ris an dána rian. Tha FARSUINNEAD feart do gach rud dá rianta.

(Tha) FARSUINNEAD = FAD x LEUD


DEALBHAG: Cumadh, Raon= F x L

Tha e soilleir nach dean sineadh neo gearradh air ais air an leud “L”, difir sam bith ri fad a’ bhuird. Mar sin tha leud neo eisimileach de fad. Tha farsuinnead co-dhiubh an riochd ri leud agus an riochd ri fad. Mar sin tha farsuinnead eisimileach ri leud agus ri meud.

Is e an meatar cearnag (m2 = m.m ) a tha na h-aonad tomhais do farsuinnead

Tri Rianan

Tomhaisear bocsa air tri rianan: Fad (F) , Leud (L) agus Domhainnead (D), an treas rian.

Theirear TOMAD ri meud bocsa.


DEALBHAG: Tomhais Tri Riantachd air Bocsa neo Amar.

(Tha) TOMAD = FAD x LEUD x DOMHAINNEAD.

Tha TOMAD na fheart do gach rud tri rianta. Mar a cheudna, tha fad, leud agus domhainnead gu leir neo-eisimileach, ach tha Tomad an riochd ri gach te dhiabh fa-leth, fad’s a tha na feadhainn eile gleidhichte cunbhalach. Is e an meatar dabhaich ( m3 = m.m.m) a tha na h-aonad tomhais air tomad.

Iomradh

  • Gearr-Phaipear Sgriobhta le P. E. Ó Donnghaile an 2001, nuair a-nochd na chiad molaidhean a thogail tuathanasan-gaoithe an Gaidhealtachd na h-Alba.
  • Dealbhan fhadhast ri cuir air Wikipedia. Air an luchdadh don duilleag seo leis a' sgriobhadair fhein. Thig na dealbhan nas anamoch

This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.