|
Article on other languages:
|
Is e dùileòlachd (no ceimigeachd) saidheans stuithe agus an eadar-oibre aige le lùths, gu h-àraid na dòighean mar a dhealbhas dadaman, moileciuilean, agus na buadhannan aig ceimigean. Tha e a' deiligeadh le stuth, mar eileamaidean, meatailtean agus ciamar a tha iad ag obair ri cheile. Is e a tha anns a' cheimidh (neo poitearachd), an sgoil a sgrudas na comh-gnìomhan a bhitheas stughan eadar-dhealaichte a deanamh nuair a theid measgachadh orra. Tha h-uile ni anns an saoghal nàdarra deanta suas a dadmannain. Is e a tha ann an dadmann an mir bu lugha de susbaint air bith. Ma rachas measgachadh air dà shusbaint a tha co-gnìomhachd ri cheile, theid gnìomh-cheimidh air adhart a bhitheas a' caitheamh na susbaintean toisichidh agus a' cruthachadh susbaintean eile. Bithidh na comh-gnìomhan a' tachairt eadar dadmannain fa-leth, airson aobharan ceangailte ri geilleadh, glacadh agus comh-phairteas de na electronaibh bhalantais aca.
DadmannanTha gach dadmann deata suas de miran fo-dadmannachd. Tha tri seòrsa dhaibh: Proton, Niùtron agus Eleactron. Is i an ealactron a tha bu chudthromach ann an sgoil a' cheimidh.
Is eagar an dadmann, niùclas tomadach de protonaibh agus niùtronaibh, le na h-eleactronaibh eagaraichte an sligean a tha ga chuairteachadh. An co-mheas le meud an niùclas tha tarsainnead nan sligean fuathasach mòr. Ri gach proton anns an niùclas bidh niùtron. Ri gach proton anns an dadmann bidh eileactron. Mar sin bithidh na urcharan dealanachd anns an dadmann an cothrom ri cheile agus cha bhi urchar air an dadmann fhein, (cho fad 's a tha i saor Artagailean eileNa h-EileamadainMeatailtean Salann na GroideMeatailtean-Talmhainn Salann na GroideMeatailtean TrasdachMeatailtean EileMeatailtichNeo-MhealtaiteanNa HailiginichNa Gasan UasalNa h-Eileamaidean-talmhainn Ainneamh
|
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.