|
Article on other languages:
|
'S e Esperanto an cànan fuadain as ainmeile agus as soirbheachaile de na h-uile a chaidh an cruthachadh (Volapük, Ido, Interlingua, 7c.) air son conaltradh eadar na pobaill den talamh a dhèanamh nas fhasa.
EachdraidhChuireadh air bog e leis an Dr. Ludwick Lazurus Zamenhof , lighiche Pòlainneach, ann an 1887, agus an diugh cha mhòr nach eil dùthaich sam bith air an talamh far nach eil luchd-labhairt Esperanto. Sa mhòr-chuid de na tìrean chan eil na h-Esperantaich pailt, ach tha Esperanto laidir ann am Braisil agus àireamh ait' eile. Is ann air faclan cumanta cànanan na h-Eòrpa (gu h-àraidh nan cànan Laideannach) a tha faclair Esperanto stèidhichte, ach tha Esperanto fada nas fhasa a dh’ ionnsachadh na teanga sam bi eile, a chionn ‘s nach eil gnìomairean neo-riaghailteach, mura-bhith no gnàthasan-cainnt mì-sheaghach innte. Thèid aig duine tùrail sam bith Esperanto a thogail ann an deicheamh den ùine a tha e ag iarraidh airson, can, Fraingis no Gearmailtis a dh’ ionnsachadh. Litreachas agus eadar-theangaicheanTha a’ chànan seo saidhbhir ann an litreachas eadar-theangaichte agus tùsail. Gheibhear eadar-theangaidhean Esperanto de dh’ iomadach leabhar cudthromach: am Bioball, an Coràn, am Bhagabhad Gita, obraichean Shakespeare, Goethe, Dante, Cervantes, 7c. Tha eadar-theangaidhean de litreachas Esperanto ann an cànanan eile - mar eisimpleir an duan fada La infana raso (An Cinneadh Leanabail) leis a' bhàrd Esperantach Albannach Uilleam Auld (1924-2006), a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghàidhlig, còmhla ri àireamh eadar-theangaidhean eile, air duilleagan-lìn an Association of Esperantophone Writers (Esperantlingva verkista asocio)[1]. Thatar a' measadh La infana raso mar sàr-obair an litreachais ann an Esperanto, agus air bhunait na h-oibre seo, chuireadh ainm Auld air adhart mar tagraiche air son Duais Nobel ann an Litreachais ann an 1998. BreithneachadhChan eil Esperanto gun breithneachadh, math is dona. Mar eiseimpleir, bha mòran argumaidean san eachdraidh, agus thàinig cànain ùra eadar-nàiseanta as, mar "Ido" agus "Interlingua". Am measg na beachdan an aghaidh-
Tuilleadh leughadh
More about Esperanto: esperanto international language learning using, complete esperanto grammar, esperanto language, esperanto translator, azio esperanto regiona tajvano world, world esperanto, esperanto english dictionary, easy esperanto immersion mls pro, teach yourself esperanto, |
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.