|
Article on other languages: |
Chaidh a togail ann an Siorrachd Pheairt an 1737, mar bhuidheann armaichte de dh'fhir an àite, agus bha e mar dhleasdanas dha na saighdearan rathaidean a chàradh agus cumail na còrach. Bha na saighdearean air an èideadh ann an còta dearg agus fèileadh. Chaith iad breacan an fhèilidh air an robh patran nan Caimbeulach ach le dathan anabarrach dorcha, is ann mar sin a fhuair iad am frith-ainm "Am Freiceadan Dubh". Às dèidh corra bhliadhnaichean, rinneadh rèisimeid san arm cheangailte dhiubh - an dà-fhicheadamh rèisimeid sa dhà no "The Forty and Twa" mar a theirte riutha sa Bheurla Ghallta.
EachdraidhChuireadh am Freiceadan Dubh a-null dhan Fhraing ann an 1743, ach cha b' ann gun strì a rinneadh seo oir rinn a' chuid a bu mhotha de na saighdearan Gàidhealach cùl-mhùtaireachd ann an Lunnainn sa Chèitean, nuair a chaidh innse dhaibh gun rachadh an cur a-null thairis (bha seo calg-dìreach an aghaidh nan cùmhnantan breugach a rinneadh riutha nuair a liostaig iad sa chiad àite). Dh'fheuch iad ri màrsail gu tuath, ach chaidh an cuairteachadh agus dh'fheumadh iad strìochdadh; chaidh feadhainn a chrochadh aig Tùr Lunnainn. An rèisimeid an-diugh
Am Freiceadan Dubh ann an Iorac (2003)
Mhair an rèisimeid san arm ceangailte gu 2006, nuair a chaidh a cur còmhla ri Rèisimeid Rìoghail na h-Alba. Tuilleadh Leughaidh - Gàidhlig
Tuilleadh Leughaidh - Beurla
|
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.