Is e dùthaich anns an Roinn-Eòrpa an Ear neo Àisia an iar a tha ann an Gruisia neo Seòirsia[1] neo Cairtbheilia[2] neo Georgia. [3] Tha an Ruis ann an taobh tuath, Asarbaidean san iar agus ann an taobh deas tha an Tuirc agus Airmìnia. Mar sin tha Gruisia a’ laighe eadar na Roinn-Eòrpa agus Àisia.
Tha eachdraidh na dùthcha inntinneach, o chionn’s gun robh daoine a’ fuireach anns an àite seo gun stad bho 2000 ro Chrìosda. Aig an àm sin bha rìoghachd Colchis agus Iberia ann, a bha a’ leantainn do rìoghachd Gruisia anns na Meadhan-Aoisean. An dèidh 1922 bha iad pàirt den Aonadh Sobhiat. Ann an 1991 nuair a bhris an Aonach Sobhiet às a chèile, bha Gruisia a’ stèidheachadh an dùthaich aca fhèin a-rithist mar stàit neo-eiseimealach.