|
Article on other languages:
|
Geranium robertianum 'S e seo lus a tha gu math cumanta air feadh na h-Alba, agus an t-saoghail gu lèir. 'S iad lus-an-ròis, righeal cùil, agus righeal rìgh ainmean eile a th' air. Buadhan leigheasachBha suim mhòr aig muinntir na Gàidhealtachd gu h-àraid dha bhuadhan leigheasach an luis seo agus a' chreachlaich-dearga. (Geranium sanguineum) Bhathar ga mhion-sgudadh agus ga ghoil ann an uisge fad uair a thìde, ach am faigheadh leigheas a chum leasachadh aillse, caochladh chneadhan agus galairean chraicinn. Bheireadh dà unnsa dhen luis pinnt mhasgaidh agus bhite a' rèiteachadh an tomhais a-rèir aois an euslaintich. Bhathar a' creidsinn gur e leigheas làidir a bh' ann airson aillse chraicinn agus fiù 's anns na 1920an, bha duine anns an Dabhach Dhearg no (Dabhach na Creige), Siorrachd Inbhir Nis, a' cumail a-mach gun deach aige fhèin air corra dhaoine a leigheas leis. Tha fàileadh garg duilleagan bhrùthte an luis na bhacadh do mheanbh-fhrìde tighinn dlùth. Tùsan Fiosrachaidh
|
||||||||||||||||||||||||||
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.