|
'S e dùthaich ann an Aimearaga-a-Tuath a tha anns Na Stàitean Aonaichte (Beurla: "United States of America" no USA). Tha ì na poblachd cùmhnantach.
Tha crìochan aice sa tuath le Canada agus sa deas le Meagsago.
Tha 48 de na stàitean suidhichte eadar an Cuan Siar agus an Cuan Sèimh. Tha Alasca san iar-thuath na dùthcha le Canada san àirde an ear agus leis an Ruis san àirde an iar dhith. Tha Hawaii suidhichte anns a’ Chuan Shèimh.
Eachdraidh
Chaidh NSA a stèidheachadh ann an 1776 nuair a thòisich ar-a-mach anns a' chiad 13 tìreanan imreach aig Breatainn ann an Ameireaga an aghaidh Rìoghachd Bhreatainn Mòr. B' e an "Ar-a-mach Ameireaganach" an t-ainm air an strì seo agus sheas ì seachd bliadhna gu Còrdadh Pharis ann an 1783 nuair a dh'aithnich Breatainn Mòr gun robh na Stàitean Aonaichte neo-eisimeileach. Bhon àm ud tha an dùthaich a' fàs agus sgaoileadh tarsainn air Ameireaga a Tuath gu ìre far a bheil ì a-nis cho mòr is nach eil ach dà dhùthaich anns an t-saoghal nas motha: an Ruis agus Canada.
Poileataigs
Bha Taghadh ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte ann san 4mh an t-Sultain 2008, a chaidh a bhuannachadh le Barack Obama.
Na Stàitean
Tha roinnean agus territories eile aig na Stàitean Aonaichte cuideachd, gu h-àraidh anns a’ Chuan Shèimh agus anns a' Chairibìan, m.e.:
|