|
Article on other languages:
|
Tha Heinrich Hermann Robert Koch (11. Dubhlachd 1843 - 27. Ceitean 1910) iomraiteach ann an rannsachadh air bitheagan ghabhaltach, gu h-àraid a thaobh lorg na caitheimh (Tuberculosis 'sa Bheurla). Ann an 1905 fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis.
A dh' aindeoin sin, bha faireachdainn aige air cho beag feum is a bha ann gu sabaid an aghaidh nan galaran mòra. Mar eisimpleir: Aig an àm sin bhiodh gach seachdamh daoine anns a’ Ghearmailt a' caochladh leis a' chaitheimh. Mar sin dheth, thòisich e air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air na bha ag adhbhrachadh a' ghalair seo. Ach rinn e rudeigin ùr: Dh’ fhàs e bitheagan ann am meadhan-fàis beathachaidh agus dhathaich e le Anilin iad. Mar sin dheth, bha e an comas dha bitheag na sgreaba (Bacillus anthracis/Splenic fever 'sa Bheurla) a chur air leth. Thathas a' cleachdadh nan aiseidean agar agus an t-soitheach Phetri a dh' innlich e fhèin gus an latha an-diugh. Ann an 1876 sgrìobh e lorg agus dòigh-beatha Bacillus anthracis. B’ e sin an t-adhbhar gun d’ fhuair e obair ùr aig Bòrd na Slàinte ann am Berlin. A-nis, bha ùine gu leòr aige rannsachadh a dhèanamh agus ann an 1882 fhuair e a-mach mu dheidhinn na bitheag èitigich, (fàth na caitheimh, Mycobacterium tuberculosis). Bha e an comas dha shealltainn gum b’iad na bitheagan a bha rim faicinn anns an fhuil fàth a' ghalair, (nach b' iad dìreach na rudan a thigeadh an cois). Stèidhich e ceithir riaghailtean ris an canar Tagraidhean Koch[1]. Ann an 1885 bha e na cheannard aig Oifis Ìmpireil na Slàinte ann an Oilthigh Bherlin. Bhiodh e a’ siubhal uaireannan air feadh an t-Saoghail, don Eadailt, don Eiphit, do na h-Innseachan, Java agus New Guinea, agus air feadh Afraga an Ear. Fhuair e a-mach mu dheidhinn a' ghalair-àraidh, (Vibrio cholerae, Cholera 'sa Bheurla), maileiria agus galaran eile. Ann an 1905, fhuair e Duais Nobel eòlas-leighis. Chaochail e air 27 Cèitean 1910 ann am Baden-Baden, Baden-Württemberg. UrramanGus an latha a th' ann an-diugh `s e Ionad Robert-Koch an t-ainm a tha air a’ bhòrd-slàinte as chudthromaiche anns a’ Ghearmailt. Stèidhicheadh Duais agus Bonn Robert Koch gus urram a thoirt air Meanbh-bhith-eòlasaichean a th' air rud gu tùr ùr a lorg, no a th' air cur ri slàinte na cruinne ann an dòigh àraid. B' e a' chiad neo-Ghearmailteach a choisinn a' bhuinn an t-àrd-ollamh Bill Hutchison aig Oilthigh Srath Chluaidh ann an Glaschu[2]. Iomraidhean
Ceanglaichean a-muigh
More about Robert_Koch: c collected koch louis robert tiffany works, |
This article is from Wikipedia. All text is available under the terms of the GNU Free Documentation License.